First Talk of Season and Book Launch a Great Success

by Shona Campbell

Bha tachartas shonraichte againn air Dihaoine 3mh Damhair airson a chiad òraid dhe 2008–09 a chomharrachadh. Chuala sinn òraid bho Anna Latharna NicGillìosa (“Donald MacKillop — Well-Loved Songwriter, Undiscovered Poet”) agus chaidh an leabhar aig Dòmhnall MacKillop, Coille an Fhàsaich, a chur air bhog. Anns an leabhar chithear a bhàrdachd agus na h-òrain aig Dòmhnall agus sgeulachdan is eile bho Beàrnaraidh. Chaidh an leabhar a chur ri chèile le Anna Latharna.

Tha Dòmhnall a’ fuireach ann an Gleann Comhainn agus gu mì-fhortanach cha b’ urrainn dha bhith an làthair ach bha sinn air leth thoilichte gun robh a nighean Peigi agus càirdean eile còmhla riunn. Fhuair an luchd èisteachd cothrom an leabhar a cheannach agus abair gun do chòrd an fheasgar ris a h-uile duine a bh’ ann.

A very special evening on 3rd October marked the beginning of our talks for the 2008–09 season. Anne Lorne Gillies presented a most interesting paper entitled “Donald MacKillop — Well-Loved Songwriter, Undiscovered Poet”, and we saw the launch of Donald’s book Coille an Fhàsaich. The book consists of a beautiful collection of Donald’s poems and songs and also memories and stories from his native Berneray. The book was compiled and edited by Anne Lorne Gillies.

Donald lives in Glencoe and unfortunately wasn’t able to attend the book launch and talk, but we were delighted to welcome his daughter Peggy and other family members. The audience were able to purchase signed copies of the book and everyone in attendance thoroughly enjoyed the evening.