First Meeting of 2011
by Shona Campbell
Tha sinn an dòchas gun robh deagh fois agaibh uile aig àm na nollaig ‘s a bhliadhn’ ùr. Tha na seachdainean a’ falbh gu sgiobalta a nis, agus bidh a’ chiad choinneamh dhen bhliadhna againn an ath h-oidhche (Dihaoine 21/1/11). ‘S e Graeme MacCoinnich a bhios a’ bruidhinn, air ‘Murdoch MacKenzie of Ardross and his account of Clan Chattan’. Bidh an òraid aig an Ionad Netley air Rathaid an Easbuig an Inbhir Nis (mu choinneamh Eden Court) agus tòisichidh i aig 19:30. Tha na h-òraidean an còmhnaidh inntineach agus tha e math a bhith am measg caraidean. Nach tig sibh ann ma bhios sibh san sgìre.
We hope you all had an enjoyable and peaceful Christmas and new year. Already it’s the middle of January, and the first gathering of GSI in 2011 is tomorrow night (Friday 21/1/11). Graeme Mackenzie from Inverness will be our guest speaker, and his topic will be ‘Murdoch MacKenzie of Ardross and his account of Clan Chattan’. The talk will be held at the usual venue, the Netley Centre on Bishop’s Road (opposite Eden Court) and will start at 19:30. The talks are always very interesting and it’s good to meet up with friends and acquaintances on an otherwise cold January evening! Please come along to hear the talk if you’re in the area.