“In Footsteps of Heroes”
Ann an 2007, chuir “Urras an Eilein” air doigh an dàrna turas (bha iad thall an toiseach ann an 2004) a dh’ionnsaigh cladhan a’ Chiad Chogaidh Mhòir ann am Flanders. An turas seo, chaidh seirbheis cuimhneachaidh shònraichte sa Ghàidhlig a cumail an sin. Thadhail an luchd-siubhail cuideachd air St Valery-en-Caux far an deach a’ 51mh Feachd Gàidhealach a ghlacadh an greim anns a’ Cheitean 1940. Dh’fhàg sin mòran Ghàidheil òga nam prìosanaich cogaidh sa Ghearmailt is sa Phòlainn fad còig blia
Bha Murchadh Peutan as a’ Bhaile Mheadhanach san Eilean Sgitheanach gu mòr an sàs ann an deasachadh an turais agus, air Dihaoine 21mh Samhain, rinn e òraid mun turas aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Sheall Bill McGonagle tòrr dhealbhan mun turais agus chaidh fiolm ghoirid a shealltainn mu eachdraidh a 51mh.
In 2007 the Skye based charity “Urras an Eilein” organised a second visit to the First World War cemeteries in Flanders. This journey responded to demand which followed a successful tour in 2004, and on this occasion a special memorial service was held there in Gaelic. The tour included a visit to St Valery-en-Caux in northern France where the 51st Highland Division was forced to surrender in May 1940, resulting in so many young Highlanders spending five harrowing years as prisoners of war in Germany and Poland.
Murdo Beaton from Balmeanach in Skye was one of the organisers of the tour and Friday 21st November he presented a talk to the Gaelic Society of Inverness on the tour. Bill McGonagle illustrated the talk with pictures that were taken on he tour and a short film on the 51st Highland division was shown.